Làraich eile le bhidio
13th July
http://www.expertvillage.com/ (crafts glè mhath)
http://www.videojug.com/ (roinn mu dheidhinn sàbhailteacht agus tha sin math) (Ameireaganach)
Categories: Bhidio, Làraich-lìn
Gàidhlig Air-loidhne blog
| M | T | W | T | F | S | S |
|---|---|---|---|---|---|---|
| « Jan | ||||||
| 1 | 2 | |||||
| 3 | 4 | 5 | 6 | 7 | 8 | 9 |
| 10 | 11 | 12 | 13 | 14 | 15 | 16 |
| 17 | 18 | 19 | 20 | 21 | 22 | 23 |
| 24 | 25 | 26 | 27 | 28 | 29 | 30 |
http://www.expertvillage.com/ (crafts glè mhath)
http://www.videojug.com/ (roinn mu dheidhinn sàbhailteacht agus tha sin math) (Ameireaganach)
Categories: Bhidio, Làraich-lìn
Làrach airson dealbhan a tharraing air-loidhne. Tha e glè mhath. Faodadh tu clipart a chleachdadh agus tha coltas gu bheil gu leòr ann dheth ach tha e beagan nas slaodaiche nuair a tha thu dol tron clipart.
Categories: Bhidio, Làraich-lìn
Cheannaich mi am program seo don ghille agam agus chòrd e ris cho mòr ’s gu robh mi smaoineachadh gum b’fhiach fheuchainn le clas beag ‘tutorial’ a bh’agam. Tha e a’ cosg ~ 9.99 agus tha e freagarrach airson Windows a-mhàin. Tha e soirbh a chuir air an coimpiutair. Bhithinn-sa ga chleachdadh le triùir còmhla ach dh’fhaodadh gum biodh e freagarrach a’ chleachdadh le projector cuideachd. The e soirbh gu leòr a chuir air coimpiutair agus tha e soirbh a chleachdadh.
Air an taobh chlì den duilleig, tha leabhar-lann de clipart agus tha thu taghadh an dealbh a tha thu ‘g iarraidh. Tha diofar seòrsaichean dealbh ann - adhar, talamh, muir, monaidhean, càraichean, bàtaichean, daoine a’ coiseachd, a’ suidhe nò a’ ruith. Tha na dealbhan a theid a thaghadh a’ dol air an taobh cheart, gu h-àrd, agus gabhaidh an deanamh nas motha no nas lugha, agus an gluasadh timchioll. Gu h-ìosal, tha thu taipeadh an stòiridh.
Uaireannan, bhithinn a taipeadh stòiridh agus ag iarraidh air na sgoilearan dealbh a tharraing a rèir na bha sgrìobhte agus, uaireannan, dheanainn suas dealbh agus bhiodh aca-san ris an stòiridh a sgrìobhadh.
Categories: Bathar bog feumail
Tags: cànan, leughadh, sgrìobhadh
OK, tòisichidh mise.Seo làrach a dh’inns tidsearan dhomh mu dheidhinn (tapa leibh, Pheigi agus Anne as Beascleit).
http://www.primaryresources.co.uk/
Bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn na cuspairean sios an taobh chlì agus gum biodh seo feumail airson stuthan-taic air Gàidhlig Air-loidhne. Watch that spot - http://www.ltscotland.org.uk/gaidhlig/index.asp
Categories: Làraich-lìn, Stuthan-teagaisg
Seo blog a thòisich mi feuch gu faigheadh sinn cothrom fiosrachadh a thoirt dha chèile mu dheidhinn làraich-lìn feumail.
Ma thàinig thu tarsaing air làrach a bha feumail (nò làrach a bu chòir a sheachnadh!), innis dhuinn mu dheidhinn an seo. Puingean a dh’fhaodar ainmeachadh:
Categories: Fàilte, Làraich-lìn
Bha mi a’ smaoineachadh gum biodh e feumail nam biodh sinn a’ cleachdadh am blog seo airson innse dha chèile mu dheidhinn bathar bog a tha sinn a’ cleachdadh sna sgoiltean. Nò bathar bog a cheannaich sinn ’s nach robh gu math sam bith.
Puingean ri chuimhneachadh:
Bhiodh fiosrachadh den t-seòrsa sin feumail do luchd-teagaisg eile. Uaireannan bidh tu coimhead air catalog ’s chan eil fios agad cò ris a tha rudan coltach.
Categories: Bathar bog feumail
Tags: Bathar bog, coimpiutair, feumail