Corporate Management Team blog

Gàidhlig Air-loidhne blog

Main menu:

Tags

Links:

 

June 2007
M T W T F S S
    Jul »
 123
45678910
11121314151617
18192021222324
252627282930  

Fàilte!

Comments: 2

Bha mi a’ smaoineachadh gum biodh e feumail nam biodh sinn a’ cleachdadh am blog seo airson innse dha chèile mu dheidhinn bathar bog a tha sinn a’ cleachdadh sna sgoiltean.   Nò bathar bog a cheannaich sinn ’s nach robh gu math sam bith.

 Puingean ri chuimhneachadh:

  • an obraich e air Mac nò Windows?
  • dè chosg e?
  • an robh e doirbh a chuir air a’ choimpiutair?
  • an do dh’obraich e mar bu chòir?
  • an do chòrd e ris na sgoilearan?
  • dè ‘n aois?
  • ciamar a tha thu ga chleachdadh?
  • a bheil torr ullachadh ri dheanamh ron a chlas?

Bhiodh fiosrachadh den t-seòrsa sin feumail do luchd-teagaisg eile.  Uaireannan bidh tu coimhead air catalog ’s chan eil fios agad cò ris a tha rudan coltach.

Categories: Bathar bog feumail
Tags: , ,

Comments

Comment from gun ainm
Time: July 25, 2007, 8:53 am

Saoilidh mi gum biodh am blog a tha seo feumail do dhaoine a tha a’ leughadh Tìr nam Blòg,
Faodaidh tu do bhlog a chur a-steach air a’ duileig seo
http://www.tirnamblog.com/?page_id=3

Comment from Morag NicDhòmhnaill
Time: July 25, 2007, 9:25 am

Morag taing airson sin. Chì thu gu bheil mi air sin a dhèanamh mar thà, agus chuir mi a-steach blog eile cuideachd.

Write a comment