Fàilte
January 8th, 2008Fàilte dhan blog aig Gàidhlig Air-loidhne. Tha mi an dòchas gun toir seo cothrom dhuibh a bhith a’ còmhradh ri chèile.
Fàilte dhan blog aig Gàidhlig Air-loidhne. Tha mi an dòchas gun toir seo cothrom dhuibh a bhith a’ còmhradh ri chèile.
Tha làrach aig Channel 4 far am faigh sibh piosan bhidio airson Eachdraidh, Gniomhachas agus Cruinn-eolas etc. Tha bhidio ann de Hiroshima, Martin Luther King, msaa.
http://www.channel4learning.net/sites/clipbank/index.html
Tha mi creidsinn gu bheil stuthan feumail air an làraich seo cuideachd:
http://www.channel4learning.com/
Thàinig mi tarsaing air seo an diugh: http://www.virtualartroom.com/ Tha tòrr rudan feumail air - fiù rudan a ghabhadh a chleachdadh le smartboard.
Ma tha sibh a’ coimhead airson fiosrachaidh air cuspair sam bith, carson nach toir sibh sùil air An Duille Mòr.
Ma tha sibh a’ coimhead airson dealbhan, nach feuch sibh Flickr?
Chan eil agaibh ri cunntas a chruthachadh airson dealbhan a lorg. (Faodaidh sibh dealbhan a chleachdadh gun dragh mu dheidhinn còirichean mas ann airson foghlam a tha iad.)
Ma tha sibh airson dealbhan de na sgoilearan a shealltainn do na pàrantan, mar eisimpleir, seo dòigh soirbh air sin a dhèanamh. Feumaidh sibh cunntas a chruthachadh (chan eil e a’ cosg dad).
Seo am program a b’fhearr leam fhin airson toimhseachain-tarsainn. Tha e soirbh a chleachdadh agus gheibh sibh diofar seorsa toimhseachan as.
Math comhla ri sgadan fuar …
Cuideachd math airson eacarsaich lion-na-bearnan, cuir-ann-an-ordugh, iomadh-roghainn, tòimhseachan-tarsainn, is rudan mar sin. Gu math soirbh a chleachdadh.
Seo far am faigh sibh e: http://hotpot.uvic.ca/
Promoting Inclusion through Teaching and Learning with ICT
Tha mi smaoineachadh gur e Roinn na Gaidhealtachd a tha a’ dèanamh seo. ‘S fhiach sùil a chumail air …
‘S e làrach làn pìosan bhidio a tha seo, air a h-uile seòrsa cuspair. Tha an roinn a’ dèiligeadh le coimpiutairean glè mhath.
Tha iad a’ dol tro gach rud a theid a luchdachadh suas agus bu chòir nach faigheadh sibh sgudail.
Morag
Dh’fhaodadh sibh sùil a chumail air http://www.teachertube.com Chan eil mòran air fhathast ach bu chòir gum biodh rudan feumail air.
‘S dòcha gun gabhadh an eadar-theangachadh gu Gàidhlig ach dh’fheumainn faighinn a-mach mu dheidhinn còirichean.
Morag