CPDFind – deagh dhòigh airson ar cothroman CPD a chuir air adhart!
26th June
Ma tha sibh a’ tabhainn cothroman CPD ann am foghlaim na h-Albainn, ‘s docha gum bitheadh ùidh agaibh a bhi air ar n’ainmeachadh anns an t-seirbheis ùr - CPDFind - a tha an Sgioba Naiseanta airson CPD a’ cuir air adhart. Tha an sgioba nàiseanta airson CPD stèidichte aig Ionnsachadh agus Teagasg Alba. ‘S e stòr-data de cothroman CPD a tha ann an CPDFind. Faighibh tuilleadh fiosrachadh no coimheadaibh fhèin air mar a tha e ag obair. A thuilleadh air an seo, tha na planaichean leasachaidh againn taiceil agus bu choir gun cuidicheadh seo gus deanamh cìnnteach gum bi cothrom aig luchd-teagaisg air feadh Alba an t-seirbheis a chleachdadh. Thuige seo tha 28 a-mach as na 32 roinnean ionadail air ceangal a dheanamh eadar an làrach lìn CPD aca fhèin agus ri CPDFind. Thoiribh sùil air an làrach aig Roinn na Gàidhealtachd agus chì sibh dhuibh fhèin. Feumaidh sibh a bhi clàraichte airson ar cothroman CPD a chuir air adhart air CPDFind. Airson clàradh:
- Tadhail air raon luchd tabhainn CPD
- Sgriobh thugainn aig cpdregister@ltscotland.org.uk